Main content

C猫ic Se貌claid is Biotais

Grìtheidean:

Ola-chroinn-ola

Flùr-lom

300g seòclaid dorcha (de dheagh chàil, 70% còco)

250g biotais amh

4 x uighean mòra

150g siùcar-castoir òrdha

120g almoin pronn

1 x spàin-tì pùdar-fuine

1 x spàin-bhùird deagh fùdar còco

Iogart nàdarra

Dòigh:

1. Teasaich an àmhainn gu 180C/350F/Gas 4

2. Suath beagan ola am bonn tiona-cèic (20cm) agus ma chuairt na h-oirean. Geàrr cearcall de phaipear-bèicearachd airson suidhe am bonn an tiona. Crath beagan flùr ma chuairt oirean an tiona.

3. Dèan criomagan beaga de 200g dhen t-seòclaid agus cuir seo ann am bobhla a sheasas ri teas.

4. Cuir am bobhla an ceann pana beag de dh’uisge a tha teodhadh aig teas meadhanach. Dèan cinnteach nach eil bonn a’ bhobhla an sàs anns an uisge neo srucadh san uisge. Leig leis an t-seòclaid leaghadh, a' cuir car dheth an dràsta sa rithist.

5. Nuair a bhios e leaghte, bheir far an teas e (gu cùramach le miotagan-àmhainn). Cuir gu aon taobh.

6. Rùisg am biotais le rùsgadair ann an cumadh Y. Geàrr am biotais ann an cairtealan.

7. Cuir am biotais tron sgrìobadair-garbh air pròiseasair-bìdh, agus às an sin gu bobhla mòr.

8. Bheir na buidheagain agus na gealagan-uighe fo chèile. Cuir na gealagain ann am bobhla mòr glan. Cuir na buidheagain an ceann a’ bhiotais agus an uairsin, glan do làmhan.

9. Cuir an siùcar, na h-almoin, am fùdar-bèicearachd, am fùdar-còco agus an t-seòclaid leaghte an ceann a’ bhiotais agus measgaich gu math.

10. Bheir sgiotadh do na gealagan-uighe le inneal-sgiotaidh dealan, gus am bheil iad a' seasamh gu sgòrrach.

11. Le spaideal, paisge cairteal de na gealagain-uighe a-steach dhan bhromalais-biotais aison fhuasgladh beagan. Paisg a-steach an còrr de na gealagain ach air do shocair, gun cus measgachadh a dhèanamh air.

12. Cuir seo dhan phana-cèic agus leis an spaideal, sgaoil a-mach e gu cunbhalach air feadh a’ phana.

13. Cuir dhan àmhainn e airson mu 50 mionaid no gus a bheil e air èirigh agus air bruich.

14. Cleachd dealgan no bior-ròstaidh airson dearbhadh gu bheil e bruich. (mu tha am bior glan, tha e deiseil. Mu tha e beagan steigeach, chan eil e deiseil fhathast agus fàg airson greiseag eile.

15. Leig leis a’ chèic fuarachadh beagan.

Nuair a bhios e deiseil airson a ghearradh, leagh na tha air fhàgail den t-seòclaid. Cuir beagan dheth còmhla ri beagan iogart nàdarra an cois gach slis dhen chèic.