Main content

C猫ic Madeira le orainds is almon

Cèic:
125g siùcar mìn
125g ìm
Rùsg à 1 oraindsear
2 ugh
160g flùr plein
40g almoin prann
1 spàin-tì pùdair fuine
Salann
Sùgh 2 oraindsear

Còmhdach:
Sùgh 1 oraindsear
75g siùcar còmhdaich
Rùsg siùcrach oraindsear
Slisean almoin air an ròstadh

Tionndadh eile air na blasan traidiseanta a gheibhear ann an cèic Madeira.

Airson toiseach-tòisichidh tha an t-siùcar agus an t-ìm a’ dol ann am bobhla le rùsg 2 oraindsear. Buail seo gu math gus am bi e soilleir agus aotrom.

Brist dhan bhobhla dà ugh agus buail a-rithist.

An uair sin tha am flùr, na h-almoin prann agus am pùdar fuine a’ dol tro shìoltachan dhan bhobhla. Craiteachan math salainn agus thathar ga bhuaileadh ri chèile a’ cur ann sùgh 2 oraindsear mean air mhean. 'S e tha dhìth a seo ach gum bi e cho tana 's gun sil e bho ghob na spàine.

Cuir seo ann an soitheach cèic 6 òirlich a th’ air a shuathadh le ìm is air a lìnigeadh le pàipear air a’ bhonn.

Stob an cèic ann an àmhainn gaoithe aig 160C airson 40 mionaid. Ma tha bàrr a’ chèic a’ fàs ro dhorcha cuir pìos foil air a mhuin.

Leig leis a’ chèic fàs fuar mu tòisichear air a còmhdach.

Airson a chòmhdaich a dhèanamh cuir an t-siùcar còmhdaich ann am bobhla agus cuir ris sùgh oraindsear air a shocair gus am bi e meadhanach tiugh is gleansach.

Geàrr slisean tana dhan rùsg oraindsear siùcrach.

Thathar a’ frasadh an còmhdach air uachdar a’ chèic agus a’ sgaoileadh na pìosan oraindsear is almoin air muin sin gu snog.

Chan eil ann a-nis ach slis a ghearradh às…