Briosgaidean L脿rach 脪rdaig
Nì seo 10 briosgaidean
85g ìm bog
50g siùcar mìn
1 buidheagan ugh
110g flùr plein
Silidh
Teòclaid a ghabhas suathadh
Anabarrach fhèin luath ach cuideachd làn spòrs airson chlann bheaga a tha a' cuideachadh sa chidsin.
A’ chiad char, buail an t-ìm, an t-siùcar agus am buidheagan còmhla ann am bobhla.
An uair sin cuir ann am min-flùir agus measgaich gus am bi taois bhog agad.
Brist dheth pìosan taoise – uimhir ri ball goilf – agus rolaig iad eadar do bhasan. Brùth an uair sin sìos iad nan cearcaill, gan cuir air treadha fuine. Brùth a-rithist iad le d’ òrdaig am meadhan gach tè, a’ dèanamh làrach bheag unnta.
Tha feadhainn gan lìonadh le silidh sùbh-làir agus feadhainn le teòclaid-suathaidh. Cuir seo unnta gu faiceallach le spàin-tì, gus nach bi iad a’ cur thairis.
Staigh a-nise dhan àmhainn-gaoithe – cha bhi iad ach 8-10 mionaidean a’ gabhail dath aig 160C.
Mas fhìor gun tèid am fàgail gus am bi iad fuar mus gabh an ithe…’s àbhaist do spògan beag is mòr a’ sìneadh thuca fada roimhe sin.