Main content

Tort le Peuran is C脿ise Gorm

Airson na peuran:
½ pinnt fìon dearg
½ pinnt uisge
Sùgh ½ liomaid
6 unns siùcar mìn
4 peuran

Pastraidh
1 ugh
110g ìm bog
30g cnothan pecan
175g flùr plein

Lionadh:
100ml uachdar dùbailte
1 ugh
220g càise gorm
Cnothan pecan

‘S e pòsadh de bhlasan a tha seo. Carson nach cuireadh tu fìon dearg is càise gorm còmhla ann an tort?

Tòisich le na peuran. Cuir am fìon, an t-uisge, an sùgh agus an t-siùcar ann am pana. Cuir am pana air teas ìosal agus rùisg na peuran. Fàg slàn iad agus cuir a-staigh dhan phana iad. Bruich airson 15 mionaidean.

Fhad ‘s a tha na peuran am bogadh dèan am pastraidh. Cuir an t-ìm – feumaidh an t-ìm a bhi cho bog sa ghabhas ach gun a bhith leaghte - ann am bobhla le aon ugh. A-staigh leis a sin thèid na cnothan agus thathar ga bhualadh gu math. ‘S e measgachadh tiugh mìn a nì le tòrr bualaidh.

Cuir ann a’ chuid as motha dhen fhlùr agus cleachd do chrògan airson a thoirt ri chèile na bhall taoise.

Tionndaidh na peuran agus bruich airson 10 mionaidean a bharrachd.

Anns an eadar-ama rolaig am pastraidh gu meudachd soitheach “flan” 10 òirlich.

Bheir na peuran far an teas agus leig leotha fuarachadh.

Airson lìonadh a dhèanamh a thèid leis na peuran buail an t-uachdar ann an siuga le aon ugh agus a’ chuid as motha dhen chàise. Fàg ‘s dòcha an treas cuid an dara taobh. Dòirt an lìonadh fliuch seo air muin a’ phastraidh agus sgaoil a-mach air uachdar e.

Bheir na peuran a-mach às a' phana agus geàrr ann an slisean snoga caola iad. Sgeadaich an tort le na peuran ann an cearcall.

Tha am paidh a’ dol ann an àmahinn gaoithe aig 180C airson 20-25 mionaidean.

Nuair a tha e bruich is dath òr ruadh air, bheir a-mach an tort agus sgeadaich le na bh’ air fhàgail dhen chàise liath. Dh’fhaodadh tu cuideachd craiteachan de cnòthan pecan air an deasachadh ann an siorap a chur air a mhuin, ma ‘se do toil e.

Bheir an tort seachad sa bhad is bithidh an càise dìreach gu leaghadh air muin an tort bhlàth. Agus tha e ceadaichte – ma thogras – tuilleadh fìon a ghabhail còmhla ris.