Main content

Briosgaidean Genovese

Nì seo 10-11 briosgaidean

Airson an lìonadh:
2 bhuidheagan
100g siùcar
40g min-maoise
500ml bainne
½ spàin-tì brìgh vanilla
Rùsg 1 liomaid

Airson na taoise
200g semolina mìn
300g flùr plein
175g siùcar
¼ spàin-tì salainn
200g ìm bog
4 buidheagain
60ml uisge fuar, no mar a dh’fheumar
1 spàin-tì rùsg liomaid
¼ spàin-tì salainn

Tòisich leis an lìonadh. Buail na buidheagain agus an t-siùcar le chèile gus an tig iad aotrom agus soilleir.

Buail am min-maoise staigh leis a’ dèanamh cinnteach nach eil cnapan ann.

Ann am pana, teasaich am bainne. Na leig leis tighinn chun a ghoil.

Dòirt beagan dhen bhainne teth dhan ugh is siùcair, ga bhualadh gu math.

Beag air bheag, cuir an còrr dhen bhainne ris, ga bhualadh fad an t-siubhail. An uair sin cuir an rùsg agus brìgh-vanilla ris agus measgaich seo uile còmhla.

Cuir seo uile air ais dhan phana agus bruich air teas ìosal gus am bidh e gu math tiugh.

Cuir an slamag ann am bobhla. Còmhdaich le film-còmhdachaidh air bàrr nan uigheagan, agus nuair a tha e fuar gu leòr, cuir dhan fhuaradair e airson fuarachadh buileach.

Airson na taoise, measgaich na stuthan tioram ri chèile. Cuir an t-ìm ris agus measgaich gus am bidh e coltach ri criomagan arain. Buail na buidheagain a-steach fear mu seach, an uair sin measgaich a-steach an rùsg agus an t-salann.

Measgaich a-steach an t-uisge, dìreach gu leòr ’s gun tig an taois còmhla ann am ball.

Dèan ball leis an taois, cuir film-còmhdachaidh mun cuairt air agus cuir seo dhan fhuaradair airson leth-uair.

Thoir an taois agus an slamag a-mach às an fhuaradair. Cuir beagan flùr a-mach air bòrd, agus an uair sin geàrr an taois ann an 8 pìosan cothromach. Rolaig gach pìos a-mach ann an cumadh ceart-cheàrnach mu 15x10cm agus 1cm tiugh.

Cuir dà spàin-mhòr dhen mheasgachadh uigheagach ann am meadhan aon leth dhen taois. Paisg an taobh eile air a mhuin airson parsail a dhèanamh.

Brùth an taois sìos mun cuairt air an lìonadh airson a dhùnadh ceart.

Le gearradair 3 òirlich geàrr cearcall a-mach às a’ cheart-cheàrnach.

Cuir na briosgaidean air trèadha air a bheil pàipear-fuine.

Bruich ann an àmhainn-gaoithe aig 200C airson mu 7-9 mionaidean, no gus am bidh dath brèagha òr orra.

Leig leotha fuarachadh.

Bheir crathadh siùcar còmhdachaidh coltas nas snoige buileach orra.