C猫ic Mousse Te貌claid agus Sirisean
200g teòclaid dhorcha, na phìosan beaga
125g ìm
7 ugh, air an sgaradh
200g siùcair mìn
1 x 400g tiona sirisean ann an siorap
Pùdar còco, airson dustadh air a’ mhullach
Sirisean airson sgeadachadh
Leagh an t-ìm agus an teòclaid ann am bobhla mòr air muin pana le uisge a tha cha mhòr goileach. Bheir seo bhon teas agus cuir an dàrna taobh e.
Ann am bobhla glan, buail na gealagain gus am bi iad nam bideanan boga. Cuir ann 100g dhen t-siùcar mean air mhean, ga bhualadh gu math fad an t-siubhail gus am bi e tiugh.
Ann am bobhla eile, buail na buidheagain leis a’ chòrr dhen t-siùcar. Paisg a-steach an teòclaid air do shocair gus nach fhalbh an èadhar às. An uairsin, paisg a-steach na gealagain leth mu seach ga phasgadh eatarra.
Dòirt leth dhen mheasgachadh ann an tiona cèic, 20cm. Dèan cinnteach gu bheil bonn an tiona air a lìnigeadh le pàipear. Glèidh an dara leth dhen mousse ann am fuaradair.
Bruich a’ chèic ann am meadhan na h-àmhainn-gaoithe aig 160C airson 25-30 mionaid. Thoir a’ chèic a-mach às an àmhainn agus leig leis fuarachadh san tiona.
Teasaich na sirisean agus an siorap ann am pana air teas meadhanach gus am bi iad nan silidh tiugh.
Nuair a tha seo air fuarachadh agus leis a’ chèic fhathast san tiona, sgaoil an silidh air a mhuin. Cuir na tha air fhàgail dhen mousse air a’ mhullach agus sgaoil a-mach e le sgian.
Cuir seo dhan fhuaradair airson 2-3 uairean a thìde eile.
Bheir a’ chèic a-mach às an tiona agus sgeadaich le pùdar còco agus sirisean.
Cèic agus mousse beairteach – ach uile anns an aon slis!