Tort Tr猫icil is Cn貌than Pecan
Pastraidh:
1 ugh
110g ìm bog
175g flùr plèan
Sradag salainn (mura h-eil salainn san ìm)
Lìonadh:
90g criomagan arain
1 spàinn-tì rùsg liomaid
Sùgh 1 liomaid
1 ugh
300g siorap
1 spàinn-mhòr trèicil
Sgeadachadh:
100g cnòthan pecan
Uachdar airson a ghabhail leis an tort
Tòisich leis a’ phastraidh. Buail an t-ugh is an t-ìm còmhla gu làidir. Measgaich am flùr a-steach, leis an t-salainn ma tha feum air. Thoir an taois ri chèile le do làmh, agus rolaig a-mach i eadar dà phìos clingfilm gum bi e mòr gu leòr gus bonn is taobhannan tiona 10 òirlich a chòmhdachadh.
Lìnig an tiona leis an taois agus prioc am bonn le forca.
Measgaich a h-uile càil airson an lìonaidh le chèile gu math, is dòirt seo air muin a’ phastraidh.
Sgeadaich seo le na cnòthan pecan.
Bruich an tort anns an àmhainn aig teas 180C (160C le gaoth) fad mu 25-30 mionaidean.
Leig leis fuarachadh san tiona mus gabh sibh e, no gabh teth e sa bhad.
Math is milis!