Crumpets
Nì seo 20
350g flùr làidir geal
7g pacaid beirm
1 spàin-tì salainn
½ spàin-tì sòda-arain
200ml uisge flodach
350ml bainne blàth
Ola
Cumaidhean cearcaill meatailt airson crumpets
Bheil sion nas fheàrr na crumpet blàth le ìm a leaghadh air uachdar?
Tha an stuth tioram an toiseach a’ dol ann am bobhla agus ga chur mun cuairt.
Cuir ris a seo an t-uisge agus am bainne – an dà chuid blàth – agus measgaich gu math gus an tig e ri chèile na phatraigeadh cha mhòr tiugh.
Fàg a-nis seo ann an àite blàth le còmhdach cling air fad uair a thìde. Thathar ag iarraidh gun tig cop air agus gum bi e làn bhuilgeanan beaga.
Nuair a tha an ùine deiseil, measgaich agus dòirt ann an siuga.
Cuir am pana neo greideal air an stòbh a theasachadh.
Tha e cudromach suathach ola a thoirt dha na cearcaill beaga crumpet agus dhan ghreideal neo pana a tha thu cleachdadh.
Nuair a tha am pana air teasachadh gu math cuir na cearcaill air feuch ach an teasaich iad fad co-dhiù 2 mhionaid mus dòirt thu ann am measgachadh. Thathar ag iarraidh am patraigeadh mu 1cm tiugh anns gach cearcall.
Às dèidh 5-7 mionaidean tha còir gum bi tuill air èirigh anns na crumpets. Bheir an uair sin dheth na cearcaill meatailt gu faiceallach le searbhadair agus tionndaidh gach crumpet.
Bruich a-rithist air an taobh eile airson mionaid a bharrachd. Nuair a tha iad bruich cuir air racais uèir iad airson fuarachadh.
Lean ort gus am bi a h-uile greim air a chosg – a’ cuimhneachadh barrachd ola a chur air a ghreideal agus air na cearcaill ma tha feum ac’ air. Bu chòir gum biodh fichead crumpet ann.
Nis, fhad ’s a tha iad fhathast blàth tha e riatanach cnap mòr ime a chur orra agus an ithe gun dàil.