Main content

Trifle le S霉bhagan

Nì seo 4

Uigheagan:
200ml uachdar tiugh
2 bhuigheagan
20g siùcar mìn
1 spàinn-tì min maoise
½ spàinn-tì brìgh vanilla

12 meur chèic (3 gach glainne)
50ml sherry (no sùgh) – no barrachd a rèir ur toil
150g sùbhagan

Sgeadachadh:
200ml uachdar tiugh, air a bhualadh
25g pìosan almoin

Dèan uigheagan an toiseach – cuir na buidheagan, an siùcar, am brìgh vanilla agus am min maoise ann am bobhla agus buail iad còmhla gu làidir.

Blàthaich an t-uachdar air a shocair – na leig leis goileadh. Cho luath ’s a tha e teth, dòirt an t-uachdar air muin measgachadh nam buidheagan, agus buail a h-uile càil gu math.

Cuir am measgachadh air ais dhan phana agus fàg air an teas e, ga bhualadh, gus am bidh e gu math tiugh. An uair sin, leig leis suidhe gus am fuaraich e.

Brist na meuran cèic eadar ceithir glainnichean. Cuir an uair sin còig no sia sùbhagan anns gach glainne – agus steall sherry air muin sin. Roinn an uigheagan eadar na glainnichean.

Sgaoil an t-uachdar am beul gach glainne agus an uair sin sgeadaich na trifles leis na h-almoin agus sùbhag eile.

Cuir dhan frids iad airson am fuarachadh.