Paidhean Albannach
Nì seo 7 paidhean
Airson an lìonadh
1 punnd feòil uain pronn
Salann
cnò-mheannt
1 uinnean air a bhleith
Piobar
Sabhs Worcestershire
Pastraidh
160ml uisge fuar
30g ìm
100g geir
1 spàin-tì salainn
380g flùr plein
Ugh air a bhualadh
Airson a sabhs
100ml uisge goileach
1 ciùb sùgh feòla neo glasraich
2 spàin-tì min-maoise
Tha iad seo air leth blasta agus le bhith cleachdadh an fheòil agad fhèin tha làn fhios agad dè dìreach a tha dol unnta.
Tòisich leis an fheòil uain ann am bobhla. Cuir ris craiteachan salainn, craiteachan chnò-mheannt agus an t-uinnean. Cuir seo uile mun cuairt. Cuir ris beagan piobar agus steall sabhs Worcestershire. Measgaich gu math agus cuir an dara taobh.
Airson a’ phastraidh, dòirt an t-uisge ann am pana leis an ìm, an geir agus an t-salann. Leagh seo ri chèile.
Nuair a tha seo air leaghadh air fad, buail am min-fhlùr na mheasg, ann an trì earrainn, gus am bi e na chnap taoise.
Chan fheum flùr a chur air a’ bhòrd airson a rolaigeadh. Rolaig am pastraidh gu mu 3mm tiugh.
Suath bonn crogan silidh le beagan ola. Cuir seo sìos air a’ phastraidh is geàrr cearcall timcheall air mu òirleach air falbh bhon a’ chrogan fhèin.
Tog suas oirean a’ phastraidh mun cuairt a’ chrogain agus cuairtich seo le pìos fada tana de phàipear-bèicearachd. Dèan snaidhm le pìos sreang timcheall seo agus cumaidh seo am pastraidh na àite agus ann an cumadh paidh.
Cuir gach fear sìos air treadha le lìnigeadh oirre.
Dèan an uair sin an ceum seo 7 tursan. Bidh a-nis 7 cumaidhean paidh ann.
Airson sabhs a’ lìonas na paidhean measgaich an t-uisge goileach le dà spàin-tì min-maoise, agus an sùgh glasraich/feòla.
Cuir spàin mhath dhan fheòil ann an gach paidh agus doirt beagan sabhs air muin na feòla.
Rolaig corran na taoise gu 3mm a-rithist agus geàrr 7 cearcaill. Cleachd ceann a’ chrogain airson meudachd a’ chearcaill. Cuir na cinn air na paidhean agus dèan toll sa mhullach le sgian feuch ach am faigh an èadhar a-mach.
Beagan uighe air a bhualadh air uachdar ga fear agus stob ann an àmhainn gaoithe iad aig teas 160C airson 45 mionaidean.
Brisg air an taobh a-muigh, bog agus blasta nam meadhain. Deagh ghreim airson do chumail a’ dol aig a’ mhòine.