Tortan Uighe is Bloinigean-g脿rraidh
Nì seo 6
3 duilleagan taois filo
Ìm air a leaghadh, airson an taois a shuathadh
Bloineagan gàrraidh reòite, air aiteamh, 2 chnap airson gach tort
100g càise feta na chnapan
Salann agus piobair
6 uighean
50g tomàtothan tioram
Geàrr duilleag dhen taois ann an sia pìosan, brùth gach pìos sìos ann an soitheach mufain, agus suath le ìm.
Dèan seo a-rithist le dà dhuilleag eile, a’ suathadh im air gach turas, gus am bi e trì fillte.
Measgaich na bloineagan gàrraidh le trì cairteal dhen chàise agus am piobair, agus lìon gach tort leis a’ mheasgachadh.
Bris ugh am broinn gach tort, agus crath na tha air fhàgail dhen chàise air muin gach ugh. Roinn na tomàtothan eatorra agus cuir beagan a bharrachd piobair orra.
Bruich na tortan ann an àmhainn gaoithe airson 20 mionaid aig teas 180C.
Taois bhrisg, buidheagan bog brèagha, feta saillte. Math fhèin!