M矛lsein Beaga Sm霉ide
Nì seo 4
Beagan ime neo margarine
4 spàin-bhùird siorap
65g ìm bog
75g siùcar bog ruadh
½ spàin-tì brìgh vanilla
Craiteachan salainn
1 ugh
100g flùr a dh’èireas
3 spàinean-bùird bainne
Uachdar airson a ghabhail còmhla ris
An toiseach suath 4 soithichean beaga smùide – feadhainn ¼ pinnt - le beagan ime neo margarine. Tha thu ag iarraidh feadhainn bheaga le cinn orra. Mur a bheil seo agad dh’fhaodadh tu pàipear-fuine is foil is sreang a chleachdadh gus mullach a chur air soithichean beaga a th’ agad a-staigh.
Dòirt spàin mhòr de shiorap ann am bonn gach soitheach.
Dèan an nise am measgachadh son a' chèic. Tha an t-ìm, an t-siùcar, am brìgh vanilla agus craiteachan salainn gam bualadh còmhla gu math.
Cuir ann aon ugh agus buail a-rithist.
Cuir ann am bainne agus cuir mun cuairt am measgachadh gu math.
Mu dheireadh tha am flùr a' dol ann – leth ma seach – ga bhualadh gu math fad an t-siubhail. Tha còir gum bi measgachadh brèagha tiugh agad a-nis.
Dòirt seo dha na soithichean agus cuir orra an cinn.
Thèid iad a seo a bhruich ann am pana. Lìon am pana le dhà na trì òirlich de dh’uisge goileach agus suidh soitheach cruinn cèic bun òs cionn am broinn a' phana. Cuir na soithichean smùide a' suidhe air muin an t-soithich agus cuir mullach air a' phana.
Leig leotha bruich fad leth-uair a' cumail sùil air a' phana feuch nach tiormaich an t-uisge.
Chan eil am beat air mìlsean aotrom blàth le steall math uachdar air a mhuin.