Main content

C猫icean Friand le Dearcan

Nì seo 12 cèic

5 gealagain
Craiteachan salainn
150g ìm leaghte gun salann
180g siùcar còmhdaich (air a chur tron t-sìoltachan)
50g flùr plein (air a chur tron t-sìoltachan)
90g almoin prann
Rùsg à 1 liomaid
Measgachadh de dhearcan ùr is reòthta (smeuran, sùbhagan, dearcan-gorm, dearcan dearga)
75g cnothan pistachio air an gearradh beag

Teasaich an àmhainn gu 160C àmhainn-gaoithe agus suath treadha friand le ìm agus dustadh siùcar-mìn.

Ann am bobhla buail na gealagain le craiteachan salainn gus an seas iad nam bideanan boga.

Ann am bobhla eile buail an t-ìm, an t-siùcar-pùdair, na h-almoin, am flùr agus an rùsg liomaid.

Ris am bobhla sin cuir 3-4 spàinean dhe na gealagain agus cuir mun cuairt. An uair sin paisg a-staigh an còrr dhe na gealagain gu faiceallach.

Dòirt seo dhan na tuill anns an treadha friand – ¾ dhen t-slighe suas anns gach lag.

Put a-staigh 3 neo 4 dhe na dearcagan anns gach fear agus crath beagan pistachios air am muin.

Bruich san àmhainn fad 15 mionaidean neo gus a tig iad òr-bhuidhe – gun a bhith fliuch nam meadhan.

Leig leotha fuarachadh greiseag bheag mus toir thu a-mach às an treadha iad.

Greim grinn – cha dèan aon fhear an gnothach!