Main content

C猫ic-c脿ise le Bonn Brownie

Bonn:
100g ìm gun salann
30g teòclaid dhorcha
100g siùcar mìn
1 spàin-tì brìgh vanilla
1 ugh
40g flùr plein
½ spàin-tì pùdair fuine
5g pùdair còca

Mullach cèic càise:
60g siùcar mìn
1 ugh
1 spàin-tì brìgh vanilla
1 spàin-bhùird min maoise
Rùsg 1 oraindsear
450g càise bog
60ml uachdar tiugh dùbailte

'S e measgachadh de dhà reasabaidh a tha seo ach le bhith gan cur còmhla nì iad mìlsean nas fheàrr buileach.

Tòisich le bhith leaghadh an t-ìm agus an teòclaid air an socair ann am bobhla os cionn pana le uisge goileach.

Cuir ann am bobhla eile an t-siùcar, am vanilla agus an t-ugh. Measgaich seo gu math còmhla.

Cuir an stuth tioram tro shìoltachan (flùr, pùdair fuine, còco) ann am bobhla eile.

Thathar a-nis a' cur an stuth leaghte an ceann an t-siùcar is an t-ugh agus ga chur mun cuairt.

Cuir leth dhan fhlùr is eile dhan mheasgachadh seo. Cuir seo mun cuairt mus tèid an còrr dhan fhlùr ann.

Aon uair 's gu bheil a h-uile dad còmhla ann am measgachadh tiugh dòirt seo ann an soitheach a tha ceithir òirlich tarsainn agus seachd a dh’fhaid, air an deach ìm a shuathadh. Cha eil e ach 10-15 mionaidean anns an àmhainn-gaoithe aig 160C.

Tha am brownie seo beagan nas cruaidhe na fear àbhaisteach - feumaidh am mullach cèic-càise suidhe air uachdar.

Airson a mhullaich, cuir an t-siùcar, an t-ugh, am vanilla agus am min-maoise uile ann am bobhla. Buail seo ri chèile gu math.

Ris a sin cuir an rùsg oraindsear, an càise bog agus an t-uachdar. Buail seo ri chèile.

An uair sin cuir am measgachadh cèic-càise air muin a bhuinn brownie. Dhan àmhainn gaoithe a-rithist ach an turas seo airson leth-uair gu trì chairteal na h-uaireach aig an aon teas.

'S e tha dhìth ach gum bi beagan dath – gun cus – air a’ mhullach agus gum bi gluasad air choireigin fhathast air fhàgail anns a’ chèic-càise.

Leig leis fuarachadh greiseag mus tèid e dhan fhuaradair airson 2 – 3 uairean a thìde.

Mas urrainn feitheamh cho fada sin tha e a-nis deiseil airson a shlisneadh.

Coltas agus blas riochdail!