S霉il air a' Mhapa 17
Caorann. Craobh-chaorainn. ’S e craobh shònraichte a th’ innte. Ann am Beurla, the rowan. Tha an t-ainm caorann a’ tighinn bho caor ‘a berry’ gu h-àraidh tè a tha dearg. Tuigidh sibh carson as e craobh-chaorainn a th’ air a’ chraoibh seo.
Ann am Moireibh, faisg air Gleann Lìobhait, tha Allt na Craoibhe-caorainn ‘the burn of the rowan tree’. Ann an Ros an Iar, ann an Toirbheartan, tha Loch na Craoibhe-caorainn ‘the loch of the rowan tree’. Ach, mar as trice, cha bhi am facal craobh a’ nochdadh anns na h-ainmean àite.
Tha nan caorann a’ ciallachadh ‘of the rowans’. Tha Creag nan Caorann agus Gleann nan Caorann ann an Siorrachd Shruighlea. Agus tha a’ chaorainn a’ ciallachadh ‘of the rowan’ – singilte. Tha iomadh allt air a bheil Allt a’ Chaorainn. Tha iomadh beinn air a bheil Beinn a’ Chaorainn, agus iomadh creag air a bheil Creag a’ Chaorainn.
Bidh fios agaibh gu bheil a’ chraobh-chaorainn gar dìon bho dhroch bhuidseachd. Gur fada a bhios i air tìr agus air mapaichean na h-Alba.