Main content

S霉il air a' Mhapa 69

Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air an fhacal sionnach. A fox. Tha e a’ nochdadh air clàr na dùthcha meadhanach tric. Mar eisimpleir, ri taobh Eilean Iarmain ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, tha eilean beag air a bheil taigh-solais. 始S e sin Eilean Sionnach ‘fox island’. Ann an Àird nam Murchan, tha lochan ann le ainm brèagha – Lochan Sròn nan Sionnach ‘the lochan of the mountain end of the foxes.’

Mar as trice, bidh am facal sionnach a’ nochdadh air a’ mhapa anns an dreach an t-Sionnaich ‘of the fox’. Cha bhi sinn a’ fuaimneachadh an ‘s’. Tha Bealach an t-Sionnaich ‘the pass of the fox’ ann an Còmhghall. Tha Càrn an t-Sionnaich ‘the hill of the fox’ ann an Siorrachd Pheairt. Agus ann am Muile, tha Tom an t-Sionnaich ‘the knoll of the fox’.

Ma chì sibh ainm-àite le ‘sionnach’, coimheadaibh airson ‘saobhaidh’ – fox den – faisg air làimh. Ann am Màr, ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Allt an t-Sionnaich ‘the burn of the fox’. Faisg air làimh tha Druim nan Saobhaidh ‘the ridge of the fox dens’. Tha sin ciallach gu leòr, nach eil? Mar sin leibh an-dràsta.