S霉il air a' Mhapa 44
A bheil sibh eòlach air an fhacal oitir – àite eu-domhainn far a’ chladaich – sandbank, gravel-bank, shoal, low gravel promontory often covered at high tide. Oitir. Uaireannan bidh daoine a’ cruinneachadh maoraich air oitirean. Tha eisimpleir ainmeil aig beul Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal far a bheil oitir fhada a’ stobadh a-mach bhon chladach airson còrr is mìle. Tha baile beag làimh ris agus 始s e An Oitir a chanas sinn ris ann an Gàidhlig. Ach, ann am Beurla, Otter Ferry. Tha Otter a’ tighinn bho Oitir. Chan eil e ceangailte idir ri dòbhrain! Beagan mhìltean deas air Otter Ferry tha Otter House. Tha sin ri taobh oitir eile.
Eadar Barraigh is Èirisgeigh tha an Oitir Mhòr ‘the great bank’. Tha Oitir Mhòr eile eadar Beinn a’ Bhaghla agus Uibhist a Tuath a bhios a’ tiormachadh ri muir-tràigh. Agus tha dà ‘Oitir Mhòr’ eile ann car coltach ri sin air cladach Uibhist a Tuath fhèin. Faisg air Àrasaig tha Bogh’ Oitir ‘the sunken rock of the sandbank’ – a tha na chunnart do mharaichean. Agus air Loch Gruinneart ann an Ìle, tha ceithir oitirean faisg air a chèile – Oitir nam Bò ‘the bank of the cows’, an Oitir Riabhach ‘the brindled bank’, an Oitir Bhuidhe ‘the yellow bank’ agus Oitir nan Eun ‘the bank of the birds.’