S霉il air a' Mhapa 49
Liath. Dath eadar liath-ghlas agus liath-ghorm. Anns an àrainneachd tha e a’ ciallachadh ‘light grey’. Gu tric tha e a’ dèanamh tuairisgeul air dath cloiche. 始S iomadh beinn air a’ mhapa air a bheil Beinn Liath no Càrn Liath – mar eisimpleir ann an Siorrachd Pheairt, Siorrachd Obar Dheathain, Ros an Iar, anns na Tròisichean agus san Eilean Sgitheanach. Agus 始s iad na beanntan siar air a’ Mhonadh Ruadh – am Monadh Liath ‘the grey upland’. Ann an Toirbheartan, tha beinn mhòr air a bheil Liaghach – sin Liathach – the grey one.
Tha an Àirigh Liath ‘the grey shieling’ ann an Ìle, tha Ceap Liath ‘grey hilltop’ ann am Muile agus tha Liath-choire ‘grey corrie’ anns a’ Mhonadh Ruadh. Tha iomadh eilean air a bheil Eilean Liath no Liath-eilean mar ainm. Agus bu mhath leam dà ainm shònraichte a thoirt dhuibh anns a bheil ‘liath’. Ann an Asainte tha Loch nam Meallan Liatha ‘the loch of the little grey hills’ agus air an rathad eadar Inbhir Nis is Ullapul tha Beinn Liath Mhòr a’ Ghiuthais Lì ‘the great grey hill of the colourful pine’. Nach brèagha an t-ainm sin.