S霉il air a' Mhapa 55
A bheil sibh eòlach air an fhacal ‘caochan’? Seo na chanas faclair Dwelly: caochan – a stream which is so small as to be almost covered by the heather. Tha am facal a’ tighinn bho sheann fhreumh a tha a’ ciallachadh ‘dall’. 始S e caochan allt no sruth nach fhaic duine – gus an cuir e a chas ann! Tha eisimpleirean ann air feadh na Gàidhealtachd ach tha iad gu h-àraidh pailt anns a’ Mhonadh Liath, faisg air Inbhir Nis.
Seo agaibh eisimpleirean às a’ Mhonadh Liath: Caochan an t-Sneachda ‘the stream of the snow’, An Caochan Breac ‘the speckled stream’, Caochan na Buidheig ‘the stream of the buttercup’ agus an Caochan Dubh-ghlaic ‘the stream of the dark hollow’. Ann an Sgìre Raineach, ann an Siorrachd Pheairt, tha Caochan an Eich Bhuidhe ‘the stream of the yellow horse’ agus Caochan nam Meann ‘the stream of the kid goats’. Faisg air a’ chrìch le Bàideanach, tha Caochan an Leathaid Bhàin ‘the stream of the fair slope’.
Agus bu mhath leam aon ainm-àite sònraichte a thoirt dhuibh oir tha e ag ainmeachadh ainmhidh beag brèagha. Tha Caochan na Feòraige ‘the stream of the squirrel’ siar air an Aghaidh Mhòir anns a’ Mhonadh Liath.