S霉il air a' Mhapa 83
A bheil sibh eòlach air an ainm-àite Borlum? Tha e co-ionann ann an Gàidhlig, ach a-mhàin gu bheil sràc air an ‘o’. B-Ò-R-L-U-M, Bòrlum. Chan eil coltas Gàidhlig air an fhacal, a bheil? Thàinig e bho thùs bhon Bheurla bordland, fearann a bh’ air obrachadh airson biadh a chur air bòrd uachdarain. Ann an Gàidhlig, thug e facal eile dhuinn – bòrlanachd ‘compulsory labour for a landlord’.
Thathar ag eadar-theangachadh Bòrlum an-diugh mar ‘strip of arable land’. Tha na Bòrluman uile ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha fear deas air Inbhir Nis, agus fear faisg air Cille Chuimein. Tha Bòrlum ann an Druim na Drochaid, taobh Loch Nis, fear ann an Gallaibh, faisg air Dùn Rath, agus tha fear eile faisg air Cnoc Cheannachd ann am Moireibh.
Ach tha àiteachan gu leòr ann, air feadh a’ chinn a deas, air a bheil Borland no Boreland, agus tha an aon chiall orrasan. Tha Borland ann an Cill Mheàrnaig, mar eisimpleir, agus feadhainn eile ann an Siorrachd Àir. Tha fear faisg air Eaglesham, taobh a-muigh Ghlaschu, agus fear eile ann an Siorrachd Lannraig a Deas. Agus tha gu leòr eisimpleirean de Boreland ann cuideachd, gu h-àraidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Gu leòr àiteachan far am biodh an tuath ri bòrlanachd!