S霉il air a' Mhapa 41
Air cladach a tuath Sgalpaigh na Hearadh tha an Àird Riabhach. A bheil sibh a’ tuigsinn riabhach? Brindled, streaked. Tha an tarbh riabhach ‘the brindled bull’ a’ nochdadh ann an sgeulachdan traidiseanta. An Àird Riabhach – ma-thà – ‘the brindled headland’. Tha am facal riabhach pailt air feartan-tìre na Gàidhealtachd. Tha Allt Riabhach ‘brindled burn’ ann an grunn àiteachan. Tha Coire Riabhach ‘brindled corrie’ ann am mòran cheàrnaidhean agus tha an t-ainm Cnoc Riabhach ‘brindled hill’ meadhanach pailt. Tha iomadh creag air a bheil A’ Chreag Riabhach, ‘the brindled crag or rocky hill’. Agus tha rubhaichean air cladaichean na Gàidhealtachd air a bheil an Rubha Riabhach ‘the brindled point’.
Ach carson a bha daoine a’ gabhail ‘riabhach’ air na h-àiteachan sin? Bha iad a’ faicinn pàtran air a dhèanamh le clachan no lusan. Stiallan de fhraoch 始s dòcha. No lusan a’ fàs ann an stiallan air sgàth na gaoithe no buaidh an fhuachd. Ann an cuid de dh’àiteachan, cha robh daoine a’ fuaimneachadh a ‘bh’. Chanadh iad ‘ria-ach’. Agus 始s e an treas beinn as àirde ann an Alba Am Bràigh Riabhach ‘the brindled upland’ – Braeriach – anns a’ Mhonadh Ruadh. Mar sin leibh an-dràsta.