Main content

S霉il air a' Mhapa 59

始S iomadh ainm-àite ann an Alba a tha a’ tòiseachadh le Kil-. Le dreach na Beurla orra, 始s e sin K-I-L. Ach 始s e eileamaid Ghàidhlig a th’ ann an cill. Ann an Gàidhlig, tha e air a litreachadh C-I-L-L. Tha e a’ ciallachadh ‘eaglais’ no ‘cealla’ no 'religious cell' aig pears-eaglais. Tha e a’ tighinn bhon Laidinn cella. Tha an t-uabhas dhiubh ann an Alba, deas agus tuath.

Anns a’ cheann a deas tha, mar eisimpleir, Kilbarchan ann an Siorrachd Rinn Friù. 始S e sin Cill Bhearchain ‘Berchan’s church’. Ann an Siorrachd Àir, tha Kilbirnie. 始S e sin Cill Bhreannain ‘Brendan’s church’. Agus Cill Mheàrnaig ’Ernoc’s church’ – 始s e sin Kilmarnock ann am Beurla. Nas fhaide deas buileach, ann an Gall-Ghàidhealaibh, tha Kilfeddar. 始S e sin Cill Pheadair ‘Peter’s church’.

Anns a’ cheann a tuath tha an t-uabhas ann cuideachd. Mar eisimpleir Kilravock faisg air Inbhir Narann. 始S e sin Cill Ràthaig ‘church at the small circular fort’. Tha Kilmarie, Cille Ma-ruibhe ‘Maol Rubha’s church’ anns an Eilean Sgitheanach. Ann an Earra-Ghàidheal, tha Kilmory – Cille Moire ‘Mary’s church’. Agus ann an Cataibh tha Cill Donnain. Tha na ficheadan dhiubh ann, mura h-eil na ceudan. Beannachd leibh.