Main content

S霉il air a' Mhapa 38

Bidh sibh eòlach air an fhacal sròn. Nose ann am Beurla. Tha e cumanta air mapaichean na h-Alba. Tha e a’ seasamh airson rudeigin a tha a’ stobadh a-mach mar a tha sròn a’ stobadh a-mach à aodann – tha e a' seasamh gu h-àraidh airson ceann beinne no rubha. 始S e facal boireanta a th’ ann. Mar sin, 始s e an t-sròn a chanas sinn airson ‘the nose’. Tha àiteachan ann air a bheil An t-Sròn, mar eisimpleir ann an Comhghall, faisg air Loch Fìne agus anns an Eilean Sgitheanach. Tha iad uile ag ainmeachadh ceann beinne.

Uaireannan tha An t-Sròn air a dhol na ainm airson beinn air fad. Tha eisimpleir mhath ri taobh Loch Muice ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ach air taobh eile an locha, tha An t-Sròn cuideachd air leathad aig ceann beinne. Tha Loch Muice suidhichte eadar dà shròin!

Agus tha An t-Sròn mar ainm air cuid de ghoban no rubhaichean beaga – pìosan talmhainn a tha a’ stobadh a-mach don mhuir. Tha eisimpleir air cladach taobh siar Thiriodh. Ann an Siorrachd Àir, tha baile car ainmeil air a bheil An t-Sròn. O thùs, bha e ann an cànan nam Breatannach; tha trwyn co-ionann ri sròn ann an Gàidhlig. Ann am Beurla, canaidh sinn Troon ris.