Main content

S霉il air a' Mhapa 46

Tha e iongantach cho tric 始s a bhios am facal dòbhran a’ nochdadh air mapaichean na Gàidhealtachd. Tha e a’ ciallachadh ‘otter’. Gu tric, tha na h-ainmean-àite le dòbhran faisg air a’ chladach. Tha Lag an Dòbhrain ‘the hollow of the otter’ ann an Eilean Ì. Faisg air Àrasaig tha Cruach Doire an Dòbhrain ‘the hill of the copse of the otter’. Agus air costa tuath Eilean Saoil tha acarsaid a bhios muinntir nan gheataichean a’ cleachdadh ris an canar Puill an Dòbhrain ‘the sea pools of the otter’. Tha Bàgh Clach an Dòbhrain ‘the bay of the stone of the otter’ ann an Eilean Lios Mòr agus tha Lochan an Dòbhrain ann an Àird nam Murchan.

Ge-tà, chan eil a h-uile ainm-àite le dòbhran a’ buntainn ris a’ bheathach bheag sin. Anns an t-seann Ghàidhlig bha dòbhran cuideachd a’ ciallachadh ‘aite fliùch’ no ‘allt beag’. Mar sin tha Beinn Dòrain a’ ciallachadh ‘mountain of streams’ seach ‘mountain of the otter’. Agus, anns na Tròisichean, tha ainmean mar Sgiath an Dòbhrain agus Leacann an Dòbhrain. A bheil iad sin a’ ciallachadh ‘the sheltering hill of the otter’ agus ‘the slope of the otter’? No a bheil iad a’ buntainn ri uisge seach beathach beag donn? Chan eil mi cinnteach.