S霉il air a' Mhapa 64
Ann an Ros an Iar, faisg air Poll Iù, tha loch ann air a bheil Loch an Iasgair. Gu litreachail, ‘the loch of the fisherman’. Chan eil e a’ buntainn ri duine ge-tà, ach ri eun. Tha Loch an Iasgair a’ ciallachadh ‘the loch of the osprey’. Tuigidh sibh gum bi na h-iolairean sin ag iasgach. A rèir seann leabhar mun sgìre, bhiodh iolairean-iasgaich a’ neadachadh uaireigin air creag anns an loch sin.
Tha grunn lochan ann air a bheil Loch no Lochan an Iasgair. Ma tha iad uile a’ ciallachadh ‘the loch of the osprey’, tha sin cudromach, oir chan eil an iolair-iasgaich a’ neadachadh anns na sgìrean sin an-diugh. Faisg air Gleann Moireasdan, tha Meall an Iasgair ‘the hill of the fisherman’. Tha e ri taobh Beinn an Eòin ‘the mountain of the bird’, a’ ciallachadh Beinn na h-Iolaire Buidhe. A bheil sin a’ ciallachadh gu bheil dà sheòrsa iolaire air ainmeachadh anns an aon àite? Chan eil mi cinnteach. Cumaibh ur sùil a-mach airson ainmean-àite anns a bheil iasgair. Cia mheud dhiubh a tha a’ cuimhneachadh na h-iolair-iasgaich?