S霉il air a' Mhapa 62
Tha meall agam ri dhèanamh. I’ve got a heap to do. 始S dòcha gun cuala sibh sin. Tha meall a’ ciallachadh ‘heap’, ‘lump’, ‘mound’. Agus tha am facal cumanta air na mapaichean. Bidh e a’ dèanamh tuairisgeul air beinn no cnoc a tha gun mhullach biorach no cumadh a ghabhas aire. Meall.
Gu tuath air Geàrrloch ann an Ros an Iar, mar eisimpleir, tha mill ann le ainmean gu math inntinneach. Meall na h-Àirighe ‘the hill of the shieling’, Meall a’ Bhainne ‘the hill of the milk’ agus Meall Imreach ‘hill of flitters’. Tha iad uile co-cheangailte ris mar a bhiodh daoine a’ falbh don àirigh as t-samhradh.
Mar as trice, cha bhi na ‘mill’ cho àrd ris na ‘beanntan’ – an fheadhainn air a bheil ‘beinn’ mar ainm. 始S e am meall as àirde am Meall Garbh làimh ri Beinn Labhair ann an Siorrachd Pheairt. Tha e còrr is mìle is ceud meatair a dh’àirde. Ach tha còrr is trithead beinn nas àirde na sin ann an Alba.
Gu mì-fhortanach, bidh gu leòr de luchd na Beurla a’ fuaimneachadh an fhacail mar ‘miall’. Ach cuiridh sibhse ceart iad a-nise! Mar sin leibh!