Main content

S霉il air a' Mhapa 43

Buidhe – dath àlainn. Dath math fortanach ann an cultar nan Gàidheal. 始S iomadh dìthean a tha buidhe – mar eisimpleir conasg agus bealaidh – whin and broom. Conasg agus bealaidh. Agus buidheagan – buttercups – buidheagan. Agus cuideachd lus buidhe Bealltainn – the marsh marigold. Lus buidhe Bealltainn. Ach an e na lusan sin as coireach gu bheil am facal buidhe cho pailt ann an ainmean àite? Cha chreid mi gur e. Thig mi gu sin ann an tiotan.

始S iomadh cnoc is beinn a tha ‘buidhe’ ann an sùilean nan Gàidheal. Mar eisimpleir an Tom Buidhe ann am Bràigh Aonghais – the hills of Angus – Bràigh Aonghais; an Càrn Buidhe ann an Siorrachd Pheairt; an Druim Buidhe ann an Loch Abar agus am Mullach Buidhe anns Na Hearadh. Tha am Meallan Buidhe ‘the yellow hill’ eadar Srath Chonain agus Srath Fharrair.

Gu tric tha buidhe a’ seasamh airson dath feòir anns a’ gheamhradh. Bidh feur a’ dol bàn, buidhe anns a’ gheamhradh. Nach buidhe dhuinn gu bheil sinn a’ fuireach ann an dùthaich cho brèagha is cho inntinneach!