S霉il air a' Mhapa 52
Anns an sgeulachd ainmeil Diarmad agus Gràinne, tha Gràinne ag ràdh ri Diarmad gun teich iad gu àite air a bheil ‘Carraig’. Carson? Uill, bha an t-uabhas dhiubh ann agus cha bhiodh fios aig Fionn dè a’ charraig anns an robh iad. Air mapaichean na Gàidhealtachd, tha mòran àiteachan fhathast air a bheil carraig no ‘rock’. Mar as trice, tha iad ri taobh na mara. Mar eisimpleir, Carraig an Daimh ‘the rock of the stag or ox’ ann an Eilean Ì. Tha Carraig a’ Mhinisteir ‘the minister’s rock’ ann am Muile agus Carraig na h-Acairseid ‘the rock of the anchorage’ ann an Cnapadal. Tha mòran charraigean ann an Ìle, leithid a’ Charraig Bhàn ‘the fair rock’, a’ Charraig Fhada ‘the long rock’ agus Carraig Bun-aibhne ‘rivermouth rock’.
Ann an ceann a deas na h-Alba, tha am facal a’ nochdadh mar C-A-R-R-I-C-K – mar eisimpleir ann an Gall-Ghàidhealaibh – far a bheil ainmean air a’ chladach mar Carrickalig, Carrickglassen agus Carrickcorie. Faisg air sin, tha sgìre ann an ceann a deas Siorrachd Àir air a bheil ‘Carrick’. Bha uair ann nuair a bha Gàidhlig aig muinntir Charrick – am measg sin màthair Raibeirt Bhruis, Rìgh ainmeil na h-Alba.