Main content

S霉il air a' Mhapa 73

Tha an t-ainm Kerry a’ nochdadh ann an grunn àiteachan. K-E-R-R-Y le dreach na Beurla air. Mar as trice, tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig ceathramh ‘quarter land’. Tha an eileamaid pailt ann an Eilean Bhòid. Tha Kerrycroy ann, mar eisimpleir. Sin an Ceathramh Cruaidh ‘the hard quarter land’, a’ ciallachadh gu bheil an talamh cruaidh, clachach. Cuideachd ann am Bòd, tha Kerrymenoch – an Ceathramh Meadhanach ‘the middle quarter-land’ agus Kerryfearn – Ceathramh Feàrna ‘quarter-land of alder trees’. Ann an ceann a deas Bhòid, tha Kerrytonlia. Tha e coltach gur e sin Ceathramh Tòn Liath ‘quarter-land of the grey land’s end’, le tòn a’ ciallachadh ceann rubha. Tro thìde, dh’atharraich Ceathramh Tòn Liath gu Kerrytonlia.

Tha grunn ainmean-àite le Kerry ann an sgìre Gheàrrloch – Kerry Wood, Glen Kerry, Kerrysdale, Loch Kerry, Inver Kerry. 始S e Cearraidh a th’ orra ann an Gàidhlig, ge-tà, seach Ceathramh. Tha dùil gum buin iad do dhualchas nan Lochlannach, stèidhichte air an abhainn kjarr-á ‘abhainn na coille bige’.