S霉il air a' Mhapa 78
Thug sinn sùil air an fhacal sròn o chionn dà bhliadhna. Tha e a’ ciallachadh ‘nose’ ach cuideachd ceann beinne no gob-talmhainn a tha a’ stobadh a-mach a dh’uisge.
Tha mi airson tilleadh don fhacal an-diugh oir gu tric chan e sròn a chì sibh air na mapaichean ach na sròine, a’ ciallachadh ‘of the nose’. Mar eisimpleir, ann an ceann a deas Mhuile, tha Beinn na Sròine ann. Faisg air ceann Loch Dubhthaich, tha Bealach na Sròine. A bheil sin a’ ciallachadh gu bheil àite faisg air a’ bhealach air a bheil An t-Sròn mar ainm? Tha, gu dearbh, agus tha Bealach na Sròine a’ dol seachad air.
Ann an Cataibh, tha dà chnoc air a bheil Cnoc na Sròine ‘the hill of the nose’ agus tha cnoc eile dhen aon ainm ann an Siorrachd Rois.
Agus tha ainm snog air fear de na h-eileanan ann an Loch Ma-ruibhe ann an Ros an Iar – Eilean Dubh na Sròine ‘the black island of the point or promontory’. 始S e an t-ainm air an t-sròin sin Sròn na Coit ‘the point of the coble or small boat. Ann an loch eile – Loch Mòrar – tha gob air a bheil an t-Sròn Dubh. Agus gu h-àrd os a cionn, tha Monadh na Sròine Duibhe ‘the hill country of the black point’. Mar sin leibh an-dràsta.