Main content

S霉il air a' Mhapa 77

Tha Blàr a’ ciallachadh àite còmhnard. San t-seann aimsir, càit am biodh armailt a’ cur cath air armailt eile, ach air blàr? Mar sin, thàinig blàr gu bhith a’ ciallachadh battlefield cuideachd. Agus an uair sin battle.

Air na mapaichean, tha e a’ seasamh mar as trice airson plain no large field. Ann am Beurla, 始s e Blair a th’ againn air. Mar eisimpleir Blair Atholl, Blàr Athall, ‘the plain of Atholl’, Blairgowrie, Blàr Ghobharaidh, ‘the plain of Gowrie’. Tha Blairduff ann an Siorrachd Obar Dheathain. Sin am Blàr Dubh (DOOF) – no Blàr Dubh mar a chanas sinn an-diugh. The black plain. 始S e sin an t-ainm Gàidhlig air Muir of Ord faisg air Inbhir Nis cuideachd.

Tha Blairdaff ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Siorrachd Àir. Tha dùil gur e sin an t-seann Ghàidhlig Blàr Damh ‘oxen plain’. Ann am Moireibh, faisg air Tom an t-Sabhail, tha Blairnamarrow. 始S e sin Blàr nam Marbh ‘the plain of the dead’. Saoil, an robh daoine air an tiodhlacadh an sin an dèidh – uill – blàr?!

Tha tòrr àiteachan air a bheil Balblair mar ainm. 始S e sin Baile a’ Bhlàir ‘the farm of the plain’. Uill, sin e bhuamsa an-dràsta. Taing mhòr airson a bhith ag èisteachd.