Main content

S霉il air a' Mhapa 70

Ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha am facal buachaill a’ ciallachadh gille no balach. O thùs, ge-tà, bha e a’ ciallachadh herdsman, agus 始s e sin a’ chiall a th’ againn ann an Alba – herdsman no uaireannan shepherd. Tha e càirdeach don fhacal Bheurla bucolic. Tha eisimpleirean, thar na Gàidhealtachd, de dh’ainmean-àite le buachaill no buachaille. Chan eil sin na iongnadh. Bha na buachaillean a’ dol air feadh a’ mhonaidh le 始n crodh.

Tha Cnoc a’ Bhuachaille ‘the herdsman’s hill’ faisg air Druim na Drochaid, taobh Loch Nis. Tha Creag a’ Bhuachaille ‘the herdsman’s crag’ siar air Cill Fhinn ann an Siorrachd Pheairt. Agus tha Tom a’ Bhuachaille ‘the knoll of the herdsman’ tuath air Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal.

Tha corra chnoc no sgeir-mhara air a bheil Am Buachaille mar ainm cuideachd. Faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh ann am Bàideanach, tha creag, às am faighear sealladh math, air a bheil Am Buachaille. Agus tha dà bheinn ainmeil taobh Ghleanna Comhann air a bheil Buachaille Èite Mòr agus Buachaille Èite Beag – the great and small herdsmen of Etive.