Main content

S霉il air a' Mhapa 60

An t-seachdain sa chaidh, dh’ainmich mi Kilfeddar ann an Gall-Ghàidhealaibh. 始S e sin Cill no Cille Pheadair ‘St Peter’s Church’. Tha Peadar air ainmeachadh ann an grunn àiteachan ann an Alba. Tha dà bhaile bheag ann an Uibhist air a bheil Cille Pheadair, fear ann an Uibhist a Tuath agus fear ann an Uibhist a Deas. Ann an Cataibh, faisg air Bun Ilidh, tha Cille Pheadair eile. Gu deas air sin, ann an Srath Bhriùra, tha Cnoc Cille Pheadair, ged nach eil e follaiseach air a’ mhapa càite an robh a’ chill fhèin.

Ann an Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais, tha seann teampall air a bheil Teampall Pheadair. Agus air na Lochan, ann an taobh sear Leòdhais tha Rubha Alltan Pheadair ‘the point of Peter’s burn’. 始S dòcha nach eil an t-ainm sin ceangailte ri creideamh. Ann am Beinn a’ Bhaoghla, tha Port Pheadair ‘Peter’s port’ agus tha ainm-àite annasach air Mòinteach Raineach, ri taobh slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd, 始s e sin Lochan Mhic Pheadair Ruaidh ‘the lochan of the son of red-haired Peter’. Lochan Mhic Pheadair Ruaidh. Beannachd leibh.