S霉il air a' Mhapa 30
Tha baile beag ann an Siorrachd Àir air a bheil Mauchline ann am Beurla. Machlainn ann an Gàidhlig. Chan eil fios le cinnt dè tha an t-ainm a’ ciallachadh. 始S dòcha gur e ainm Breatannach a th’ ann bho thùs. Ged nach eil Machlainn ainmeil an-diugh, bha e uaireigin gu math ainmeil. Bha e air ainmeachadh anns an làmh-sgrìobhainn Historia Brittonum anns an naoidheamh linn. Bha clach-bhràthan ann am Machlainn. B’ i tè de ‘mhìorbhailean Bhreatainn’.
Carson? Uill, bha i fon talamh agus bha i a’ cuartachadh fad na h-ùine, ach a-mhàin air Didòmhnaich. Chuala na daoine i. Cha robh duine ga h-obrachadh. Bha i ag obair gun taic.
Carson a tha mi ag innse seo dhuibh ann an aithris mu ainmean-àite? Uill, gu math faisg air Machlainn, tha àite ann air a bheil Auchenbrain – North Auchenbrain Farm agus South Auchenbrain Farm. 始S e Auchenbrain Achadh na Bràthan ‘the field of the quern’. Feumaidh gun robh a’ chlach mhìorbhaileach anns an àite sin fhèin. 始S dòcha nach e dìreach faoinsgeul a bh’ anns a’ bheul-aithris!