S霉il air a' Mhapa 29
Tha am facal bèist no biast againn. Tha beachd ann gun tàinig e bhon Laidinn bestia. Tha am facal Beurla beast a’ tighinn bhon aon tùs. Ann an Gàidhlig tha e a’ ciallachadh ‘beast’ no ‘monster’.
Tha e iongantach cho tric 始s a tha am facal a’ nochdadh air mapa na h-Alba co-cheangailte ri lochan. Chì sibh Loch na Bèiste ann am mòran àiteachan. Tha co-dhiù seachd air tìr-mòr na Gàidhealtachd. Anns na h-Eileanan an Iar, tha fear anns na Hearadh, leis na dhà eile ann am Beinn a’ Bhaoghla, trì ann an Uibhist a Tuath agus ceithir ann an Leòdhas.
始S e lochan uisge – freshwater lochs – a th’ anns na lochan seo air fad. Ach tha loch-mara air a bheil Loch na Bèiste cuideachd. Tha sin faisg air Caol Àcainn anns an Eilean Sgitheanach.
Agus dè tha e a’ ciallachadh? The loch of the beast. Uaireannan tha sgeulachd ann a dh’innseas mun bhèist. Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil bèist-dhubh no biast-dubh a’ ciallachadh ‘otter’. 始S dòcha gur e a’ chiall a th’ air feadhainn dhiubh dìreach ‘the loch of the otter’. Beannachd leibh an-dràsta.