Main content

S霉il air a' Mhapa 22

Tha Auchter a’ tighinn bhon Ghàidhlig uachdar – upland no upper part of. ’S dòcha gum bi sibh eòlach air an abairt ‘tha làmh-an-uachdair agam air Seumas’ – I have the upper hand on James. Tha uachdar cuideachd a’ ciallachadh an stuth a th’ air uachdar a’ bhainne – cream’.

’S i a’ Ghàidhlig air Auchtermuchty ann am Fìobh – Uachdar Mucadaidh – the upland of the pig place. Auchterarder ann an Siorrachd Pheairt – ’s e sin Uachdar Àrdair – the upland of the Arder. Agus ann an Loch Aillse tha Auchtertyre – Uachdar Thìre – the upper part of the land. Tha dà àite eile air a bheil Uachdar Thìre cuideachd – ann an Siorrachd Shruighlea agus Moireibh.

Tha ainm àite inntinneach le Auchter anns a’ Ghleann Mhòr, eadar Loch Nis agus Loch Obhaich. ’S e sin Auchteraw, no Uachdar Abha. Tha e os cionn Abhainn Obhaich. Chan e Uachdair Obhaich a th’ air an àite ann an Gàidhlig, ach Uachdar Abha – A-B-H-A. Tha sin a’ sealltainn gur e Abhainn Abha no dìreach Abha a bh’ air an abhainn mar ainm mus robh e air atharrachadh gu Obhaich.

Carson nach toir sibh fhèin sùil air a’ mhapa airson eisimpleirean de dh’àiteachan a tha a’ tòiseachadh le ‘Auchter’? Tha mi cinnteach gun tig feadhainn eile an-uachdar!