S霉il air a' Mhapa 5
Dùn Èideann. Tha sibh eòlach air a’ bhaile, tha mi cinnteach! Chan eil fios againn le cinnt dè tha Èideann a’ ciallachadh. ’S dòcha gur e ainm duine a th’ ann. Tha dùn a’ ciallachadh ‘fortress, castle’. Tha Dùn Èideann a’ nochdadh an toiseach anns an t-seann chànan Bhreatannach mar Din Eidyn. Edin-burgh ann am Beurla.
Tha an t-uabhas de dh’ainmean-àite le ‘dùn’ annta. Anns an Taobh Sear, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, tha grunnan ann. Mar eisimpleir – an Dùn Dearg, an Dùn Mòr agus an Dùn Beag. ’S e ‘dùn’ a’ Ghàidhlig air ‘broch’. Uaireannan tha na seann dùin co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne – Fingalian legends.
Tha Dùn Dè – Dundee – a’ ciallachadh ‘fort on the Tay’. ’S e Dunkeld ann an Siorrachd Pheairt ‘Dùn Chailleann’ – ‘the fort of the Caledonians’ – seann treubh. Tha Dunragit na bhaile beag faisg air an t-Sròin Reamhair – no Stranraer. ’S e sin Dùn Reicheit ‘the fort of Rheged’, ag ainmeachadh seann rìoghachd Bhreatannach. Tha Dùn Breatann – ‘the fort of Britons’ ag ainmeachadh seann rìoghachd Bhreatannach eile. Sin Dumbarton ann am Beurla.
Uaireannan, tha dùn a’ seasamh airson cnoc, an àite caisteal. Nuair a thàinig a’ Bheurla a-steach gu sgìrean a bha Gàidhealach roimhe, dh’atharraich ‘Dùn’ uaireannan gu ‘Doon Hill’. Ach ’s e dùblachadh a th’ ann. Tha e a’ ciallachadh ‘hill hill’! Agus Doune faisg air Sruighlea? Far a bheil an caisteal a tha a’ nochdadh ann am filmichean mar Outlander? ’S e sin – gu sìmplidh – An Dùn. Beannachd leibh.