S霉il air a' Mhapa 4
Both. A hut or booth. B-O-T-H. Tha an eileamaid seo meadhanach pailt ann an ainmean-àite. Mar eisimpleir, Bohuntine, faisg air a’ Ghearasdan. ’S e sin Both Fhionndain – Findan’s hut. Bha Fionndan na naomh – a saint. Tha Bohally – no Both Àlaidh – ann an Siorrachd Pheairt. Tha daoine dhen bheachd gu bheil e ag ainmeachadh naomh eile. Ann am Moireibh, tha Bomakelloch – Both Mo Cheallaig – the hut of St Ceallag. Naomh eile!
Tha Naomh Cainnear air a chuimhneachadh ann an Siorrachd Shruighlea ann am Both Cainneir. Ann am Beurla bidh daoine ag ràdh Bothkennar. Tha iad a’ fuaimneachadh an ‘th’ oir bha an ‘th’ air fhuaimneachadh anns an t-seann Ghàidhlig.
Chan eil ‘bothan’ an-còmhnaidh co-cheangailte ri naomh. Tha Bochastle faisg air Calasraid no Callander. Sin Both a’ Chaisteil – the hut of the castle. Bha am both air a thogail faisg air gearasdan a bha uaireigin aig na Ròmanaich – ’s e sin an ‘caisteal’.
A bheil ainmean-àite le ‘both’ annta a tha ainmeil? Uill, tha. Uaireannan, ge-tà, chan eil e follaiseach gur e ainm le ‘Both’ a th’ annta. Oir, ann am Beurla, tha an t-ainm a’ tòiseachadh le ‘Bal-’. Mar eisimpleir Both Chuidir. ’S e sin Balquhidder ann am Beurla. Agus Both Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain. ’S e sin Balmoral. Both Mhoireil. Far a bheil caisteil rìoghail ainmeil an-diugh, bha both sìmplidh ann uaireigin. Ach bidh an teaghlach rìoghail nas toilichte ann an caisteal na bhitheas iad ann am both!