Main content

S霉il air a' Mhapa 25

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air tree? Seadh – tha fios agaibh, nach eil – Craobh. Tha e anns an ainm àite – Crieff – Craoibh – tree place. Ann an cuid de dh’aiteachan tha e air fhuaimneachadh Criùbh. Mar ann am Bunchrew faisg air Inbhir Nis.

Ann an Cinn Tìre tha Cnoc nan Craobh – the hill of the trees. Ri a thaobh tha Cnoc an Daraich – the hill of the oak – agus Allt Challtainn – hazel burn. Àite math airson chraobhan!

Ann an ceann a deas Eilean Arainn, tha an Cnoc Craobhach – the hill covered by trees. Tha coille air a’ chnoc an-diugh. Agus tha an t-ainm-àite ag innse dhuinn gun robh e còmhdaichte le coille o chionn fhada.

Faisg air Gleann Lìobhait ann am Moireibh, tha dà allt ann ann an àite a tha lom, gun chraobhan an-diugh. ’S iad na h-ainmean orra Allt na Craoibhe-caorainn – the burn of the rowan tree – agus Allt na Craoibhe-cuilinn – the burn of the holly tree. Faodaidh ainmean àite innse dhuinn mun àrainneachd, agus mar a bha i anns an t-seann aimsir. Beannachd leibh uile.