Main content

S霉il air a' Mhapa 21

Tarsainn. Crosswise, lateral, oblique, over. Tarsainn. Bidh sinn a’ cleachdadh an fhacail gu tric. Cuin a thàinig thu tarsainn? When did you come over? Chaidh e tarsainn na beinne. He went across the mountain. ’S e crann-tarsainn a’ Ghàidhlig air crossbar ann an spòrs mar bhall-coise.

Air ar mapaichean, tha am facal tarsainn pailt. Chan eil e furasta eadar-theangachadh gu Beurla, ge-tà. Tha e mar as trice a’ ciallachadh ‘oblique’ no ‘transverse’. ’S iomadh allt air a bheil Allt Tarsainn mar ainm. Chan eil iad a’ sruthadh dìreach sìos a’ bhruthach. Tha iad a’ claonadh. They run obliquely. Allt Tarsainn – oblique burn.

Tha beanntan ann air a bheil Beinn Tarsainn, Meall Tarsainn agus Creag Tharsainn. An coimeas ris na beanntan eile faisg air làimh, tha iad a’ seasamh an rathad eile, no an aghaidh neach-coiseachd. Transverse no oblique mountain. Ma bheir sibh sùil air mapa dhen Ghàidhealtachd, thig sibh tarsainn air eisimpleir no dhà.