S霉il air a' Mhapa 6
Gaoth. G-A-O-T-H. Wind. Tha gu leòr dhith againn ann an Alba. Tha Alba gaothach ‘windy’. Agus tha am facal ‘gaothach’ a’ nochdadh air ar mapaichean. Saoil a bheil na daoine a tha ag iarraidh crainn-ghaoithe – wind turbines – a chur suas, eòlach air an fhacal?!
Ann an Cnapadal ann an Earra-Ghàidheal tha am Bealach Gaothach ‘the windy pass’. Tha am Meall Gaothach ‘the windy hill’ ann am meadhan na h-Alba faisg air Na Tròisichean ‘the Trossachs’. Agus tha an Coire Gaothach ‘the windy corrie’ shuas anns a’ mhonadh os cionn Taigh an Droma no Tyndrum.
Uaireannan chan e ‘gaothach’ a bhios anns an ainm ach ‘gaoithe’. Tha ‘na gaoithe’ a’ ciallachadh ‘of the wind’. Tha Àirigh na Gaoithe ‘the shieling of the wind’ ann an Uibhist a Tuath. Tha Bog na Gaoithe ‘the bog of the wind’ ann am meadhan Ghallaibh – sin Caithness. Tha Sròn na Gaoithe ‘the nose or spur of the wind’ ann an Siorrachd Obar Dheathain, gu h-àrd anns na beanntan, faisg air raon-sgìthidh Ghleann Sìth. Agus tha Druim na Gaoithe ‘the ridge of the wind’ ann an Taobh Sear Siorrachd Rois, siar air Baile Dhubhthaich ‘west of Tain’ – siar air Baile Dhubhthaich.
Agus uaireannan chan eil na h-àiteachan ‘gaothach’ shuas anns na beanntan. Tha pàirt de bhaile Inbhir Nis air a bheil Scorguie ann am Beurla. ’S e sin Sgor Gaoithe ‘windy point’. Aig amannan tha Scorguie gu math gaothach. Mar sin leibh an-dràsta.