Main content

S霉il air a' Mhapa 19

Bhon a bha mi òg tha mi air a bhith a’ dol thar Bealach nam Bò don Chomraich, Applecross. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the pass of the cows’. Bealach nam Bò. B’ e sin an rathad air an robh daoine a’ dròbhadh crodh. Tha bealach eile ann thar nam beann. Ach tha e ro chas do chrodh.

Gu tric, bidh ainm-àite le ‘bealach’ co-cheangailte ri rudeigin eile faisg air làimh. Far costa Uibhist a Deas, mar eisimpleir, tha eilean air a bheil Stulaigh. Eadar Uibhist agus Stulaigh tha Caolas Stulaigh. Agus faisg air làimh tha Bealach a’ Chaolais ‘the pass of the kyle’.

Ann an Leòdhas, ann an Sgìre nan Loch, tha Bealach na h-Imrich ‘the pass of the flitting’. ’S e sin slighe a bhiodh daoine a’ gabhail eadar baile agus àirigh. Agus faisg air Bealach na h-Imrich tha Àirigh nam Fiadh ‘the shieling of the deer’.

Ann an Àird Ghobhar, tha Coire nam Muc ‘the corrie of the pigs’. Agus dè an t-ainm a th’ air an rathad gu tuath a-mach às a’ choire? Seadh? Bealach Choire nam Muc. Corra uair, bidh dreach Beurla air ‘bealach’ – balloch. Tha Balloch faisg air Loch Laomainn, a bha na shlighe eadar sear is siar. Ann an Gàidhlig, ’s e sin, gu sìmplidh, Am Bealach. Beannachd leibh.