Main content

S霉il air a' Mhapa 9

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘dolphin’? ’S e am facal as cumanta – leumadair. Bidh iad a’ leum às a’ mhuir. Leumadair. Saoil a bheil am facal ‘leumadair’ air mapa na h-Alba ann an àite sam bith? Uill, thug mi sùil agus lorg mi aon àite. Tha ‘Leumadair Mòr’ far taobh siar Eilean Leòdhais. Tha e faisg air Eilean Mhealasta ann an Sgìr’ Ùig. Ach dè th’ anns an Leumadair Mhòr? Tha e coltach gur e creag air an eilean a th’ ann ach chan eil e soilleir bhon mhapa. Agus chan eil e air ainmeachadh air a’ chairt-mhara no marine chart.

Dè an t-àite as fheàrr airson leumadairean fhaicinn ann an Alba? Chanainn Gob na Cananaich anns an Eilean Dubh. Gob na Cananaich – Chanonry Point. Tha e air Linne Mhoireibh, the Moray Firth. Tha e faisg air a’ Chananaich – Fortrose. A’ Chananaich – ‘the Chanonry’ no ‘place of Canons’ – co-cheangailte ris an eaglais. Tha seann chathair-eaglais anns a’ Chananaich.

Ach dè mun fhacal ‘gob’? G-O-B. Beak, bill, point, mouth. ‘Gob’ ann am Beurla. ‘Shut your gob’ mar a chanas iad – nach gabh sibh mo leisgeul! Air a’ mhapa, tha gob a’ ciallachadh ‘point of land’. Gob an rubha – the point of the headland. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh ‘beak of a dolphin’. Gob an leumadair – the dolphin’s beak. Ma tha sibh aig Gob na Cananaich, gu math tric chì sibh gob leumadair. Ach tha mo ghob fhèin air a bhith trang gu leòr. Soraidh leibh an-dràsta.