S霉il air a' Mhapa 34
Kirriemuir. Am baile ann am Machair Aonghais far an do rugadh J M Barrie – am fear a sgrìobh Peter Pan. 始S e ainm Gàidhlig a th’ ann an Kirriemuir. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bho Ceathramh – no Ceathramh ‘oo’ – Moire – Mary’s quarter-land. Mar a tha Kilmuir a’ tighinn bho Cille Moire no Cille Mhoire. Tha Moire a’ ciallachadh Moire Mhàthair – màthair Ìosa.
Tha cuid eile de mhuinntir Siorrachd Aonghais ag ràdh gun tàinig Kirriemuir bho Ceathramh Mòr ‘big quarter land’. Chan eil fhios agam cò as coltaiche a bhith ceart. Ach 始s e ainm Gàidhlig a th’ ann. Tha e a’ riochdachadh seann dòigh airson fearann a thomhas – an old way of measuring land.
Agus a bheil am facal ceathramh a’ nochdadh ann an àiteachan eile? Uill, tha. Tha an Ceathramh Garbh faisg air Ceann Loch Biorbhaidh. Tha an Ceathramh Meadhanach ann an Sollas ann an Uibhist a Tuath. Uaireannan tha am facal a’ nochdadh mar Kerrow, K-E-R-R-O-W. Tha Kerrow Farm ann an Srath Ghlais faisg air Inbhir Nis. Agus faisg air Druim na Drochaid, taobh Loch Nis, tha Kerrowdown. Sin an Ceathramh Donn ‘the brown quarter land’. Mar sin leibh an-dràsta.